Uinneag (Window)

Rosemary Everett
Angela MacGillivray
Gwen MacQuarrie
Jane G. Smith
Meg Telfer

...

Uinneag
Anns an taisbeanadh Uinneag, chithear obair còignear bana-ealain a tha a’ meòrachadh mu dhùthchas agus mu bheatha tro shealladh nan Gàidheal.

Is ann às diofar ceàrnaidh an Alba a tha an luchd-ealain agus tha iad air an obair chruthachail aca a thoirt am feabhas fo stiùir Màiri NicGilliosa aig Reòthart nan Ealan. Tha iad air am brosnachadh còmhla smaoineachadh mun lèirsinn aca agus mar a tha sin a’ tighinn beò.

Tha an uinneag mar shamhla do gach neach air an dòigh faicsinneach agus an t-àite dham buin iad.

Tha an còignear uile aig diofar ìre nam beatha cruthachail ach tha iad a’ tarraing air an aon ràmh mu fheallsanachd na h-obrach san taisbeanadh seo agus ga chur an cèill nan dòigh fhèin.
 

Uinneag (Window)
Uinneag presents work by five female artists from across Scotland, all of whom are inspired by place and the Gaelic way of seeing.

Brought together by Reothart nan Ealain's Màiri Gillies, they have continued to develop their own practices whilst exploring together, as a unique group, how they view and exist in the world.

Each of the artists have interpreted and expressed the theme of Uinneag (window) in their own way. All five are at various stages of their artistic journeys but have a common understanding and framework which underpins the development of work for this exhibition.

Jane G. Smith @janegsmithart,
Jane is a conceptual artist from the Isle of Lewis who works within the mediums of installation, ceramics, photography and painting. A strong interest in place and identity underpins all her work, where she likes to draw parallels between her own life and the costal environment that surrounds her. She is continuously drawn towards shape, colour, pattern and composition. Jane loves trying to bring aspects of the local environment into her art, whether it is though the visual content, by positioning it and documenting it within the location that inspired it or by incorporating aspects of the site itself within the piece.
’S e neach-ealain macmeanmail à Leòdhas a tha ann an Jane, a tha a’ cruthachadh a cuid ealain tro stàladh, obair-chriadha, togail dealbh agus peantadh. Tha faireachdainn làidir le ceangail do dh’àite agus fèin-aithne aig cridhe na h ealain aice, agus tha i tric a’ dealbhadh cheanglaichean eadar a beatha fhèin agus na cladaichean agus àrainneachd a tha ga cuairteachadh. Tha i air a tàladh a dh’ionnsaigh cumadh, dath, pàtran agus cruth. Tha e na thoileachas mòr dhi eileamaidean den àite fhèin a thoirt a-steach don obair aice — uaireannan tro na tha ri fhaicinn san dealbh, uaireannan le bhith a’ suidheachadh agus a’ clàradh an obrach san àite a thug spionnadh dhi, agus uaireannan le bhith a’ fighe pìosan den làrach fhèin a-steach dhan phìos cruthachail.

Meg Telfer
Meg Telfer specialised in Sculpture at Grays School of Art, Aberdeen 1958 – 1962. She then taught Art and Design for over thirty years in Renfrewshire and Strathclyde. During this time she exhibited paintings widely in the Central Belt. In 1991 Telfer moved to live permanently in Skerray on the north coast of Sutherland and has lived there ever since. She has continued to paint and has added Printmaking and Fusing and Painting Glass to her ways of representing the landscape she loves.
B’ e obair Shnaidhidh a rinn Meg nuair a bha i na h-oileanach aig Sgoil Ealain Grays ann an Obar Dheathain bho 1958 gu 1962. Bha i an uair sin na tidsear ealain airson còrr is deich air fhichead bliadhna ann an Siorrachd Rinn Friù is Srath Chluaidh. Rè na h-ùine sin, dh’fhoillsich i an obair pheantaidh aice ann an taisbeanaidhean air feadh na sgìre. Ghluais i a dh’fhuireach ann an Sgeireidh air taobh tuath Chataibh ann an 1991 agus tha i an dèidh a bhith fuireach ann bhon uair sin. Bidh i fhathast a’ peantadh agus ag obair tro dhòighean eile - clò-bhualadh, leaghadh agus peantadh glainne – airson na seallaidhean àlainn air a bheil meas mòr aice a thoirt beò.

Rosemary Everett @everett_creates
Rosemary is a printmaker who creates sculptural, experiential artists’ books that intrigue and entertain. She loves to travel, is happiest when on a boat or visiting an island, and likes to explore how time spent by water nurtures well-being. A deep affection for anything “North” runs through her work, along with a fascination for navigation, maps and charts. Our impact on the environment and celebrating the unique colours and light of Scotland, and beyond, inspire Rosemary to seek out layers of memories, glimpses of history and tales from archaeology or folklore. Rosemary is learning Gaelic (very slowly).
Tha Rosemary na clò-bhualadair a bhios a’ cruthachadh leabhraichean ealain snaidheil is tarraingeach. Chan eil dad nas fheàrr leatha na bhith a siubhail agus gu sònraichte a bhith aig muir air bòrd eathar seòlaidh far a bheil i faisg air a’ chuain agus eileanan.  Tha i a’ feòrachadh mar a bheir ùine ri taobh na mara deagh bhuaidh air sunnd. Tha am beachd smuain “tuath” tric ga stiùireadh agus chithear seo na cuid obrach far a bheil ceangail làidir aice do sheòladh agus mhapaichean. Tha i a’ cnuasachadh gu mòr air mar a tha sinn a’ toirt buaidh air an àrainneachd.  Tha na dathan is solas sònraichte ga brosnachadh gus seann sgeulachdan a’ lorg agus seallaidhean air arc eòlas is beul aithris a chruthachadh tro ealain. Agus tha Rosemary fhathast ag ionnsachadh na Gàidhlig — beag air bheag!

Angela MacGillivray @nicillebhraighe
Angela uses materials of place to produce work rooted in the Gaelic landscape and in the history and stories of her island community. She enjoys the experimental, reciprocal nature of alternative photographic processes and natural dyes, which encourage curiosity and a noticing. From her window, Angela looks out over An Àrd Bheithe, a native birch wood at the bottom of the family croft. She has long been drawn to the feminine energy of the woods and what is held there. In exploring her place, she finds a belonging - and a deeper connection to her people and to those who came before.
Bidh Angela a’ buain bho mhuir is tìr agus a’ tarraing bho thobar nan Gàidheal airson a dualchas a thoirt am follais tron obair ealain aice. Is toigh leatha a bhith ag ionnsachadh bho phroiseasan atharrachail agus dathachadh a bheir oirre gabhail air a socair agus meòrachadh air na tha mun chuairt oirre. A-mach air an uinneig agus shìos air a’ chroit, chì i An Àrd Bheithe, a’ choille bhrèagha, bhreacach air am bi i ga tàladh. Na suidhe sa bheithe chùbhraidh, bidh i a’ cuimhneachadh air a cuideachd agus an t-àite dham buin i - agus air an dìleab a thugadh dhuinn.

Gwen MacQuarrie @sealladh.eile
Gwen MacQuarrie is an artist whose work involves paint, pen, paper, and photography. She is captivated by vast vistas, natural patterns, and the interplay of daylight. Living near the sea in a stunning environment on Skye, Gwen finds constant inspiration in the beauty around her. Her art reflects the harmony between nature’s elements and the ever-changing light that surrounds her. Her work for Uinneag is inspired specifically by the geology of the shore at Barabhaig in her village.
‘S ann tro pheant, peann, pàipear agus a bhith togail dealbhan a tha ealain Gwen tighinn beò. Tha i air a glacadh le seallaidhean farsaing, pàtranan nàdarra, agus solas an latha. A’ fuireach faisg air a’ mhuir ann an suidheachadh lurach ann an Slèite san t-Eilean Sgitheanach, tha an ealain aice a’ nochdadh a’ chàirdeis eadar eileamaidean nàdair agus an solas caochlaideach a tha timcheall oirre. Thàinig na pìosan airson an taisbeanadh seo bho bhith air an traghad sa bhaile is a sùil air a ghlacadh le na creagan is geòlas.


Artworks

Click below to view details and enquire.

Sa bheithe chùbhraidh

Angela NicIllebhràighe
2026
Enquire >

Do Mhòrag

Angela NicIllebhràighe
2026
Enquire >

Tro sholas na coille

Angela NicIllebhràighe
2026
Enquire >

Is blàth anail na màthar

Angela NicIllebhràighe
2026
Enquire >

Crotal-coille

Angela NicIllebhràighe
2026
Enquire >

Rùsg

Angela NicIllebhràighe
2026
Enquire >

Ailbheag

Gwen MacQuarrie
2026
Enquire >

Eilean nan Sgadain

Gwen MacQuarrie
2026

Air muir is air tìr

Angela NicIllebhràighe
2026
Enquire >

Leacag

Gwen MacQuarrie
2026
Enquire >

Nighean Alasdair Theàrlaich

Angela NicIllebhràighe
2026
Enquire >

Chì mi le mo shùil

Gwen MacQuarrie
2026
Enquire >

Deò na coille

Angela NicIllebhràighe
2026
Enquire >

Untitled

Gwen MacQuarrie
2026
Enquire >

Beinn Sgritheall

Gwen MacQuarrie
2026
Enquire >

Blue

Meg Telfer
2026
Enquire >

Stroma

Meg Telfer
2026

Eileannan Solais (Islands of Light)

Rosemary Everett
2026
Enquire >

Eileannan Solais (Islands of Light)

Rosemary Everett
2026
Enquire >

Fàs (growth)

Jane G Smith
2026